Iar-Chuairtean Deireannach Dearbhaichte airson Deasbad Nàiseanta na Gàidhlig 2025
Ghabh ochd sgioba deug bho ochd sgoiltean deug bho air feadh Alba pàirt anns a’ chiad chuairtean de Deasbad Nàiseanta na Gàidhlig 2025, a chaidh a chumail thairis air dà latha aig An Lanntair ann an Steòrnabhagh. Chunnaic an tachartas daoine òga a’ taisbeanadh sgilean, misneachd agus dìoghras airson na Gàidhlig tro òraidean agus deasbadan.
Às dèidh sreath de chuairtean teann, tha na ceithir sgiobaidhean a leanas air àite fhaighinn anns na h-iar-chuairtean deireannach:
Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig v Acadamaidh Inbhir Pheofharain
Àrd-sgoil Greenfaulds V Sgoil Sir E Scott
Mhol na britheamhan na farpaisich uile airson an ullachadh, an deasbad agus cleachdadh na Gàidhlig tron tachartas. Mhol aon de na britheamhan am-bliadhna, Dòmhnall Moireasdan, càileachd an deasbaid, ag ràdh: “Thug gach sgioba lèirsinn, àbhachdas agus dìoghras dha na h-argamaidean aca. Tha e brosnachail a bhith a’ faicinn uiread de mhisneachd agus fileantachd am measg luchd-labhairt òga na Gàidhlig — tha àm ri teachd na cànain gu soilleir ann an làmhan glè chomasach.”
Thuirt Cathraiche Comataidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, an Comhairliche Drew Miller: “Tha Deasbad Nàiseanta na Gàidhlig a’ leantainn air adhart a’ toirt cothrom air leth dha na daoine òga againn gus sgilean beatha cudromach a leasachadh ann am beachd a thoirt seachad agus conaltradh èifeachdach leis a’ phoball.
“’S e deagh thaisbeanadh a th’ anns na deasbadan airson na h-obrach a tha a’ dol air adhart gus a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh ann an iomadh suidheachadh thar sgoiltean agus ar coimhearsnachdan agus tha mi air leth toilichte gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd a’ leantainn air adhart a’ toirt taic.”
“Bha mi gu sònraichte toilichte Port Rìgh fhaicinn a’ buannachadh an-uiridh, ach bu mhath leam meal a naidheachd a thoirt dhaibhsan uile a ghabh pàirt ann an Steòrnabhagh an t-seachdain seo.”
Thuirt Evelyn Coull NicLeòid, Cathraiche Comataidh Stiùiridh an Deasbaid Nàiseanta: “Tha e iongantach cho dìoghrasach agus cho moiteil ’s a tha na daoine òga seo mun Ghàidhlig. Tha an deasbad gam brosnachadh chan ann a-mhàin gus an cànan a chleachdadh le misneachd ach gus smaoineachadh gu breithneachail agus gu cruthachail troimhe.
“Bu chòir do gach sgioba a ghabh pàirt a bhith air leth moiteil — tha iad nan tosgairean airson na Gàidhlig agus airson an sgoiltean.”
Thèid iar-chuairtean deireannach Deasbad Nàiseanta na Gàidhlig 2025 a chumail ann an Dùn Èideann air an 26mh agus 27mh den t-Samhain 2025. Thèid na h-iar-chuairtean deireannach a chumail aig Ionad Sgeulachdan na h-Alba aig 6.30f air Diciadain an 26mh den t-Samhain agus thèid a’ chuairt dheireannach a chumail aig Pàrlamaid na h-Alba air Diardaoin an 27mh den t-Samhain. Thèid a’ chuairt dheireannach a chraoladh beò air BBC Radio nan Gàidheal aig 7f.
Tha sgioba an Deasbaid airson taing mhòr a thoirt do luchd-urrais agus com-pàirtichean an tachartais, agus an taic leantainneach aca a’ ciallachadh gu bheil an tachartas bhliadhnail seo comasach. Tha an dealas aca a’ dèanamh cinnteach gu bheil cothroman aig daoine òga an tàlantan a thaisbeanadh agus a’ Ghàidhlig a chleachdadh le pròis agus adhbhar aig ìre nàiseanta. Airson 2025, ’s e na buidhnean urrais Spiorad na Mara, Riaghaltas na h-Alba, Comhairle nan Eilean Siar, SQA, Comhairle na Gàidhealtachd, Leasachadh Sgilean na h-Alba, Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, BBC Gàidhlig, Comhairle Bhaile Ghlaschu agus Bòrd na Gàidhlig.
****
Eighteen teams from eighteen schools across Scotland took part in the opening rounds of Deasbad Nàiseanta na Gàidhlig 2025, held over two days at An Lanntair, Stornoway. The event saw young people demonstrate skill, confidence and passion for the Gaelic language through debate and discussion.
Following a series of closely contested rounds, the following four teams have secured their places in the semi-finals are:
Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig v Acadamaidh Inbhir Pheofharain
Àrd-sgoil Greenfaulds V Sgoil Sir E Scott
Judges commended all competitors for their preparation, eloquence and use of Gaelic throughout the event.
One of this year’s judges, Donald Morrison, praised the quality of debate, saying: “Every team brought insight, humour and genuine passion to their arguments. It’s inspiring to see such confidence and fluency among young Gaelic speakers — the future of the language is clearly in very capable hands.”
Chair of Highland Council’s Gaelic Committee, Cllr Drew Millar, said: “The National Schools Gaelic debate continues to provide our young people with an excellent opportunity to develop key life skills in reason and effective public communication.
“The debates are a great showcase for the work that goes on to encourage the Gaelic language in a whole variety of settings across schools and our communities and I am delighted Highland Council continues to provide support.
“I was especially pleased to see Portree pick up the trophy last year, however I would extend good wishes to all those participating in Stornoway this week”.
Evelyn Coull Macleod, Chair of the Deasbad Nàiseanta na Gàidhlig Management Committee, added: “It’s wonderful to see the enthusiasm and pride these young people have for Gaelic. The debate encourages them not only to use the language confidently but to think critically and creatively through it.
“Each team that took part should be incredibly proud of their achievement — they are great ambassadors for Gaelic and for their schools.”
The semi-finals of Deasbad Nàiseanta na Gàidhlig 2025 will take place in Edinburgh on the 26th and 27th of November 2025.
The Semi-finals will take place at the Scottish Storytelling Centre at 6.30pm on Wednesday the 26th of November with the final taking place at the Scottish Parliament on Thursday the 27th of November.
The final will be broadcasted live on BBC Radio nan Gàidheal at 7pm.