Tachartasan air Feadh na Gàidhealtachd airson Seachdain na Gàidhlig a Chomharrachadh

Published: 23 February 2026

Gaellic week poster

Tha grunn thachartasan gu bhith air an cumail air feadh na Gàidhealtachd airson Seachdain na Gàidhlig a chomharrachadh.

Tha Seachdain na Gàidhlig, a chaidh a stèidheachadh ann an 2022 is a th’ air a maoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, a’ cuideachadh gus inbhe a’ chànain a thogail tro iomairtean coimhearsnachd, com-pàirteachadh le sgoiltean agus raon de thachartasan brosnachail eile.

’S e Cleachd I no Caill I cuspair na seachdaine airson 2026. ’S e gairm a tha seo, do dhaoine air feadh Alba is nas fhaide air falbh, a dhol an sàs anns a’ Ghàidhlig airson a gleidheadh agus a fàs.

Air a’ Ghàidhealtachd, chaidh a’ ghairm seo a fhreagairt le dealas. Bidh cothroman ann dhan a h-uile aois a dhol an sàs ann an rudan tron t-seachdain, le tòrr a’ tachairt air feadh na sgìre. 

Thuirt Drew Mac a’ Mhuilleir, Neach-cathrach Comataidh na Gàidhlig: “Tha e sgoinneil a bhith a’ faicinn prògram cho làn airson Seachdain na Gàidhlig, agus bu mhath leam a h-uile duine a bhrosnachadh a dhol gu fear de na tachartasan.

“Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ cumail oirre a’ toirt taic dhan chànan is ga brosnachadh sa h-uile dòigh – a’ cuideachadh gus fàs a thoirt air na cothroman a tha rim faighinn a thaobh a bhith a’ cleachdadh is ag ionnsachadh a’ chànain ann an sgoiltean, sa choimhearsnachd, ann an àiteachan obrach agus ann an dachaighean air feadh na sgìre.”

Gheibhear prògram slàn airson Seachdain na Gàidhlig an seo: https://seachdainnagaidhlig.scot/whats-on/

***

Events across Highland to celebrate Seachdain na Gàidhlig

Dozens of events will be held across Highland to mark Seachdain na Gàidhlig, which gets underway on Monday (23rd February).

Established in 2022 and funded by Bòrd na Gàidhlig, Seachdain na Gàidhlig (World Gaelic Week) helps raise the profile of the language through community initiatives, schools’ engagement and an exciting calendar of events.

The theme of the week for 2026 is Use It or Lose It (Cleachd i no caill i). It is a call to action, for people across Scotland and beyond to actively engage with Gaelic to ensure its preservation and growth.

In Highland that call has been answered with gusto. There will be opportunities for all ages to get involved throughout the week, with lots happening all across the region.

Chair of the Council’s Gaelic committee Drew Millar said: “It is great to see such a packed progamme for Seachdain na Gàidhlig (World Gaelic Week) and I would encourage everyone to get along to one of the events.

“Highland Council continues to support and encourage the language in every way – helping to increase the opportunities available to use and learn the language in schools, communities, workplaces and homes across the region.”

The full programme of Seachdain na Gàidhlig (World Gaelic Week) events can be found here https://seachdainnagaidhlig.scot/whats-on/