Bheir dreuchd teagaisg ùr ann an Cataibh spionnadh do dh’oidhirpean gus a’ Ghàidhlig a neartachadh san sgìre.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a-nis a’ sireadh tidsear Gàidhlig, air stèidh mhaireannach, a bhios ag obair ann am Bun-Sgoil agus Àrd-Sgoil Far sa Bhlàran Odhar.
Thathar an dòchas gun toir tidsear ùr misneachd do bhuidheann ùr de luchd-ionnsachaidh agus gum bi cothrom ann uair eile teisteanasan Gàidhlig fhaighinn.
Tha traidisean làidir Gàidhlig san sgìre, agus tha sgoilearan a tha air an cànan ionnsachadh san sgoil air a dhol air adhart gu tuilleadh foghlaim sa chànan agus air tighinn gu bhith nan tidsearan Gàidhlig sa Ghàidhealtachd.
Thuirt Ceannard na Sgoile, Katherine Van Voornveld: “Tha a’ Ghaidhlig riamh air a bhith na neart san sgoil againn agus tha tidsearan Gàidhlig a-nis ag obair sa Ghàidhealtachd a thòisich an dreuchd le bhith a’ gabhail a’ chuspair còmhla rinn fhèin.
“Às dèidh dhan tidsear mu dheireadh againn fàgail, cha b’ urrainn dhuinn tidsear làn-ùine a chur an dreuchd nan àite, ach tha e air a bhith na phrìomhachas dhomh feuchainn ri slighe air adhart a lorg.
“An-uiridh, chaidh againn air neach-probhaidh fhastadh, agus thug sin cothrom dhuinn tidsear a shaoradh airson a’ Ghàidhlig a stiùireadh thar Campas a’ Chosta a Tuath – chan ann dìreach ann am Bun-Sgoil agus Àrd-Sgoil Far ach ann am bun-sgoiltean Thunga agus na Mealbhaich agus ann an Tràth-ionnsachadh is Cùram-cloinne cuideachd.
“Bha seo mar phàirt de phlana trì bliadhna agus b’ e an t-amas againn tighinn gu ìre, ann am bliadhna a dhà agus bliadhna a trì, far am b’ urrainn dhuinn a’ Ghàidhlig a thabhann mar chuspair teisteanais uair eile.
“Tha dualchas Gàidhlig làidir againn ann am Far agus tha mòran dhen chloinn againn air a bhith a’ gabhail pàirt ghnìomhach san Fhèis agus sa Mhòd ionadail agus nàiseanta.
Tha sinn dealasach a thaobh a bhith a’ brosnachadh is a’ neartachadh a’ chultair againn agus tha sinn fada an comain na comhairle airson leigeil leinn seo a thoirt air adhart tro riarachadh luchd-obrach a tha a’ toirt cothrom dhuinn tidsear fhastadh.”
Tha Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd ga chur mar phrìomhachas ro-innleachdail gum bi fàs leantainneach ann, an dà chuid ann am Foghlam tron Ghàidhlig agus Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig aig gach ìre, a’ gabhail a-steach a bhith a’ lìbhrigeadh na Gàidhlig mar nuadh-chànan.
Gheibhear fiosrachadh mun dreuchd an seo:
***
Teaching post will strengthen Gaelic provision in Sutherland
Efforts to support and encourage Gaelic in Sutherland are in line for a boost following the creation of a new teaching post for local schools.
A permanent Gaelic teacher is now being sought by Highland Council to work at Farr Primary and Secondary School in Bettyhill.
It is hoped that the appointment of a new teacher will inspire a new cohort of learners and restore opportunities to obtain Gaelic qualifications.
The area has a strong Gaelic tradition, and previous pupils who learned the language at school have since gone on to study the language and themselves become Gaelic teachers within Highland.
Head teacher Katherine Van Voornveld said: “Gaelic has historically always been a strength of our school and there are Gaelic teachers currently working in Highland who started their career by taking the subject with us.
“After our previous teacher left, we were not in a position to appoint a full-time replacement, but it has been a priority for me to find a way forwards.
“Last year we were able to appoint a probationer, which allowed us to release a teacher to lead Gaelic across the North Coast Campus – not just in Farr Primary and Secondary but in Tongue and Melvich primaries and Early Learning and Childcare too.
“This was part of a three-year plan, years two and three of which are to get us to a point of offering Gaelic as a certificate subject once again.
“We have a strong Gaelic heritage at Farr, many of our children are actively involved with the Fèis and both the local and national Mòd. We are strongly committed to promoting and strengthening this aspect of our culture and very much appreciate the support of the council in allowing us to take this forward through a staffing allocation which allows us to recruit.”
Highland Council’s Gaelic Language Plan has made it a strategic priority to deliver continued promotion and growth in both Gaelic Medium Education and in Gaelic Learner Education at all levels, including delivery of Gaelic as a modern language.
Details of the job vacancy can be found here: