Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis win Cuach na Cloinne 2026
’S iad Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a choisinn tiotal Cuach na Cloinne 2026, a’ toirt a’ chupa air ais a dh’Inbhir Nis son an dàrna bhliadhna! Às dèidh iomadh geama teann eadar na 6 sgiobaidhean mìorbhaileach, rinn Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a’ gnothach air Sgoil nan Loch, ann am breaban peanas às dèidh ùine a bharrachd, sa chuairt dheireannach ann an Inbhir Nis air Diciadain 3mh den t-Ògmhios.
’S e co-fharpais ball-coise nàiseanta, 5 air gach taobh, a th’ ann an Cuach na Cloinne. Ghabh òigridh bho air feadh na dùthcha ann an C4-7, aig a’ bheil Gàidhlig, pàirt ann. Chaidh 6 farpaisean roinneil a chumail air feadh na dùthcha, tron a’ Ghiblean ’s a’ Chèitean, ann an Steòrnabhagh, Port Rìgh, Inbhir Nis, An Gearasdan, Lionacleit, agus Glaschu, le na 6 sgiobaidhean soirbheachail sna farpaisean roinneil a’ gabhail àite sa chuairt dheireannach.
’S e na 6 sgiobaidhean a chluich aig a’ chuairt dheireannach:
- Sgoil nan Loch
- Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh
- Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis
- Bun-sgoil Mhalaig
- Sgoil Dhalabroig
- Bun-Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu
Chaidh Cupa Cuach na Cloinne a thoirt do Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis le Comhairliche Ian Mac’IlleDhuinn, Ceannard Inbhir Nis & Sgìre.
Chaidh duais Sàr Cluicheadair na Gàidhlig gu Alfie Seòras Gray bho Sgoil nan Loch. ’S ann airson an neach, ann am beachd na rèitirean, a tha a’ cleachdadh na Gàidhlig aig an ìre as àirde tron fharpais a tha an duais seo.
Am-bliadhna tha Cuach na Cloinne air a bhith a’ ruith fad 20 bliadhna. Bho 2006 tha còrr is 48 sgoil agus suas ri mìle sgioba air pàirt a ghabhail sa cho-fharpais ball-coise nàiseanta seo. Tha an tachartas seo gu mòr stèidhichte ann an clàr-ama bliadhnail nan sgoiltean agus gu dearbh bidh an òigridh a’ coimhead air adhart ris gach bliadhna.
Chan eil amas an tachartas seo air atharrachadh thairis nam bliadhnaichean – b’ e sin cothrom spòrsail a thoirt do dh’òigridh Gàidhlig a chleachdadh ’s a leasachadh, a’ coinneachadh ri òigridh eile bho air feadh na dùthcha fhad ’s a tha spòrs aca.
Am-bliadhna, ghabh 105 sgioba pàirt bho air feadh na dùthcha!
Thuirt Marina Mhoireach, Stiùiriche Leasachaidh ChnaG, a tha a’ ruith a’ cho-fharpais: “Meal a naidheachd air a h-uile duine a ghabh pàirt! Tha farpais 2026 a-rithist air a bhith air leth mhisneachail is uimhir de dhaoine òga bho air feadh Alba a’ gabhail pàirt. Thairis air na cuairtean roinneil agus an cuairt dheireannach, chunnaic sinn comas air leth aig an òigridh, an dà chuid le sgilean ball-coise agus nas cudromaiche - leis a’ Ghàidhlig, tha an fharpais a’ toirt cothrom dhaibh na comasan seo a ghleusadh agus a thaisbeanadh.
Tro obair le sgoiltean, tha an òigridh ag ionnsachadh briathrachas feumail airson ball-coise; tro mheasadh air an fharpais am-bliadhna, fhuairear fios air ais gu bheil 100% de na ghabh pàirt ag ràdh gu bheil Cuach na Cloinne cudromach a thaobh tlachd is farsaingeachd de chothroman sa’ Ghàidhlig agus gu bheil e a’ brosnachadh an òigridh gus barrachd Gàidhlig a chleachdadh.
Tha Cuach na Cloinne gu tur mu dheidhinn òigridh a bhith a’ faighinn tòrr spòrs, a’ faighinn cothrom coinneachadh le daoine òga eile bho air feadh Alba, agus an cuid Ghàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile.
Tha sinn aig CnaG air leth taingeil do Chomhairle na Gàidhealtachd, Comhairle nan Eilean Siar, agus Bòrd na Gàidhlig airson an taic leantainneach do Chuach na Cloinne.”
Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Meal do naidheachd gu Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis agus gach sgioba a ghabh pàirt anns a’ cho-fharpais. Tha mi cuideachd airson mo thaing a thoirt do gach neach a tha an sàs ann an Cuach na Cloinne airson sreath thachartasan sgoinneil a chur air dòigh a-rithist am-bliadhna. ’S e cothrom cudromach a tha seo do dhaoine òga tighinn còmhla agus spòrs a ghabhail agus ceangalan a thogail eadar coimhearsnachdan Gàidhlig air feadh na h-Alba.”
Thuirt an Dtr Dòmhnall Weir, Oifigear Taic Gàidhlig aig Comhairle nan Eilean Siar: “Bha Comhairle nan Eilean Siar air leth toilichte taic a chur ri farpais Cuach na Cloinne a-rithist am-bliadhna-sa. Tha an fharpais seo air a bhith glè shoirbheachail ann a bhith a’ brosnachadh sgoilearan air feadh na dùthcha Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachaidhean sòisealta, taobh a-muigh na sgoile, fhad ’s a tha iad a’ dèanamh rudeigin a chòrdas riutha gu mòr. ’S math a rinn na sgiobaidhean agus cluicheadairean gu lèir ann an 2026!”
Thuirt Comhairliche Comataidh Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, Comhairliche Drew Millar: “Tha e air a bhith air leth a’ faicinn an tachartas seo a’ dol bho neart gu neart. Mealaibh ur naidheachd dhan a h-uile duine a tha air taic a chumail ri soirbheachas Cuach na Cloinne thairis air an 20 bliadhna a chaidh seachad.
“Tha Comhairle na Gàidhealtachd air leth toilichte taic leantainneach a chumail ris an tachartas seo gus am fàs e is gum bi e na prìomh thachartas sa bhliadhna sgoile dhan a’ mhòr-chuid de Ghàidheal òga.
“Tha e gu math cudromach gum bi sinn a’ tabhainn na cothroman seo do Ghàidheal òga Gàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh an seòmar-clas is tha an tachartas seo na deagh eisimpleir de an dleastanas ud.
“Tha mi air mo dhòigh glan a’ faicinn iomadh sgoil a’ gabhail pàirt is tha fhios agam fhèin bhon fios air ais gun robh latha air leth aca aig a’ chuairt dheireannach ann an Inbhir Nis.”
Tha Comunn na Gàidhlig a-nis ag obair air Cuach nan Àrd-sgoiltean a bhios a’ tachairt an ath-Dhiciadain 10mh den t-Ògmhios.
Tha Cuach na Cloinne 2026 air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, agus Comhairle na Gàidhealtachd, agus air a chur air dòigh le Comunn na Gàidhlig.
****
Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis were victorious in winning Cuach na Cloinne 2026, taking the trophy home to Inverness for the second year in a row!
After many tense matches between the 6 talented teams, in both football and Gaelic, Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis beat Sgoil nan Loch, in penalties after extra time, in the National Final in Inverness on Wednesday 3rd June.
Cuach na Cloinne is a national 5-a-side football competition aimed at young people in Gaelic Medium Education, in primary 4-7 all over the country. The 6 regional competitions were held, during April and May, in Stornoway, Portree, Inverness, Fort William, Lionacleit, and Glasgow, with the successful team from each regional competition earning their place in the national final.
The 6 teams that participated in the final are:
- Sgoil nan Loch
- Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh
- Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis
- Mallaig Primary School
- Sgoil Dhalabroig
- Bun-Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu
The Cuach na Cloinne trophy was awarded to Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis by Councillor Ian Brown, Leader of the Inverness City Committee.
The Sàr Cluicheadair na Gàidhlig award went to Alfie George Gray from Sgoil nan Loch. This award is given to the player that was outstanding in his use of Gaelic during the competition and chosen by the referees.
This year celebrates 20 years since Cuach na Cloinne began. Since 2006 as many as 48 schools and nearly 1,000 teams from across the country have taken part in the national competition. The event is very much integrated into school activity calendars with young people looking forward to it each year.
Tha aim of the event hasn’t changed over the years – providing young people with an enjoyable opportunity to use and develop their Gaelic, meeting similar young people from across the country while having fun.
This year’s competition saw 150 teams take part from across the country!
Marina Murray, Development Director at CnaG, who runs the competition, said: “Congratulations to all who took part! Once again, it’s been encouraging to see a large number of young people throughout Scotland taking part. Across the regional competitions and the final, young people exhibited great sportsmanship and most importantly – they were developing their Gaelic, in an informal, fun environment, while playing excellent football as a team.
Through collaboration with schools, the young people are learning more football specific terms; through this years evaluation, we found 100% replied that Cuach na Cloinne is important in enjoyment of Gaelic and in accessing a variety of opportunities to use Gaelic. Also, that it encourages participants to use more Gaelic in general.
We are grateful to The Highland Council, Comhairle nan Eilean Siar and Bòrd na Gàidhlig for their continued support of Cuach na Cloinne.”
Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard (CEO), Bòrd na Gàidhlig, said: “Congratulations to Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis and to every team that took part in the competition. I’d also like to thank everyone involved in Cuach na Cloinne for organising a brilliant series of events again this year. This is an important opportunity for young people to come together, have fun, and enjoy sport through the medium of Gaelic while building links to other Gaelic communities across Scotland.”
Dr Donald Weir, Gaelic Support Officer for Comhairle nan Eilean Siar, said: “Comhairle nan Eilean Siar are delighted to have supported Cuach na Cloinne again this year. The competition has been successful in encouraging young people across the country to use Gaelic in social situations, outside of schools, while they take part in an activity that they enjoy. Congratulations to all the teams and participants who took part in 2026!”
Chairman of The Highland Council’s Gaelic Committee, Councillor Drew Millar, said: “It’s been fantastic to see this great event going from strength to strength. A big congratulations are due to all who have helped drive the success of Cuach na Cloinne over the past 20 years.
“Highland Council is proud to of the consistent support we have provided to help the event grow and establish itself as one of the highlights of the school year for so many of our young Gaelic speakers.
“It is so important to provide opportunities for young Gaelic speakers to use the language outside of a classroom setting and this event is a great example of that commitment in action.
“I am encouraged to see so many schools participating and I know from the feed-back they had a really enjoyable day at the finals in Inverness.”
Comunn na Gàidhlig are now preparing for Cuach nan Àrd-sgoiltean, which is set to take place next Wednesday 10th June.
Cuach na Cloinne 2026 is funded by Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, and The Highland Council, and organized by Comunn na Gàidhlig.