Trust funds supporting Gaelic and cultural activity
Tha grunn mhaoinean urrasan foghlaim fo rianachd Chomhairle na Gàidhealtachd a’ toirt taic do chothroman cultarach is Gàidhlig, a’ gabhail a-steach taic do dh’oileanaich teagaisg.
Diciadain sa chaidh, thugadh cunntas às ùr do Chomataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd mu na tha maoinean urrasan foghlaim a’ cur ri foghlam is gnìomhachd na Gàidhlig.
Tha seo a’ gabhail a-steach:
- Tabhartasan a tha a’ toirt taic do cheòl òigridh, ceòl traidiseanta is Fèisean
- Siubhal foghlamach co-cheangailte ri co-iomlaid chultarach Ghàidhlig
- Bursaraidhean is duaisean a tha ag aithneachadh coileanadh ann an cànan is cultar na Gàidhlig.
Am measg duaisean Urras Maoin an Fhoghlaim a tha a’ cur taic ri cultar na Gàidhlig, tha urrasan stèidhichte ann an siorrachdan is roinnean a leithid Siorrachd Inbhir Nis, Ros is Cromba, Cataibh, Dùn na Creige, agus Urrasan Foghlaim Gheàrrloch is a’ Phluic. Tha na duaisean seo air taic a thoirt do chòmhlain-phìoba òigridh, siubhal cultarach, agus ionnsachadh stèidhichte sa choimhearsnachd.
Bha na leanas am measg nan naidheachdan soirbheachais a chaidh innse dhan chomataidh:
- Oileanach teagaisg Gàidhlig a fhuair taic ionmhasail phractaigeach airson cuideachadh le cosgaisean ionnsachaidh is greis-obrach.
- Turas is iomlaid chultarach Orcastra Ghaoithe Sgoiltean na Gàidhealtachd gu ruige Bavaria, sa Ghearmailt.
- Turas Còmhlan-pìoba Òigridh an Eilein Sgitheanaich chun na Fèise Albannaich bliadhnail ann am Barga, san Eadailt.
- Turas cultarach is ciùil Còmhlan-pìoba Òigridh Cathair-bhaile Inbhir Nis dhan Spàinn.
Thathar a’ cur iarrtasan a-steach gu Maoinean Urras Foghlaim Chomhairle na Gàidhealtachd tro làrach-lìn Urrasan Foghlaim na Comhairle.
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh aig https://highlandcouncilcharitabletrusts.org/ agus tro làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd aig https://www.highland.gov.uk
Tha Urrasan Chom-pàirtichean agus cothroman maoineachaidh co-cheangailte airson gnìomhachd a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig cuideachd a’ gabhail a-steach Urras an Eilein (The Skye Gaelic Trust). Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh agus foirmichean iarrtais airson na maoine seo aig https://urras-an-eilein.scot/
Tha Sgeama Bursaraidh Chomhairle na Gàidhealtachd–Sabhal Mòr Ostaig cuideachd a’ toirt taic do dh’oileanaich gus sgoilearachd a ghabhail os làimh aig Sabhal Mòr Ostaig.
Thuirt Cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, an Comhairliche Drew Mac a’ Mhuilleir: “Tha mi fìor thoilichte gu bheil na maoinean urrais seo a’ toirt taic do dhaoine òga a tha an lùib raon de chothroman ùra thar roinn na Gàidhlig is a chultair.
“Bhrosnaichinn daoine gus tadhal air làrach-lìn maoin urras an fhoghlaim agus coimhead air an raon fharsaing de bhursaraidhean is de thabhartasan a tha rim faotainn a-nis gus taic a chur ri foghlam, spòrs, siubhal is gnìomhan eile.”
Leughaibh an aithisg iomlan a chaidh fa chomhair na comataidh an seo (nì 7): https://www.highland.gov.uk/meetings/meeting/5357/gaelic-committee-comataidh-na-gaidhlig
****
Trust funds supporting Gaelic and cultural activity
Several Highland Council-administered educational trust funds are proving a useful source of assistance for cultural and Gaelic opportunities, including support for student teachers.
Last week, Highland Council’s Gaelic committee was given an update on the contribution that educational trust funds are making to Gaelic education and activity.
This includes:
- Grants supporting youth music, traditional music and Fèisean activity
- Educational travel linked to Gaelic cultural exchange
- Bursaries and awards that recognise achievement in Gaelic language and culture.
Educational Trust Fund awards which support Gaelic culture and education include those made by county and area-based trusts such the Inverness-shire, Ross and Cromarty, Sutherland, Duncraig, and Gairloch and Plockton Educational Trusts.
Awards from these sources have helped youth pipe bands, cultural travel and community-based learning.
Recent success stories highlighted to the committee included:
- A student Gaelic teacher who was supported with practical financial support towards study and placement-related costs.
- The Highland Schools Wind Orchestra concert tour and cultural exchange to Bavaria, Germany.
- The Skye Youth Pipe Band’s journey to the annual Scottish Festival in Barga, Italy.
- The City of Inverness Youth Pipe Band’s cultural and musical tour to Spain.
Applications to the Highland Council Educational Trust Funds are made through the Council’s dedicated Educational Trusts website.
Further information is available at https://highlandcouncilcharitabletrusts.org/ and via the Highland Council website at https://www.highland.gov.uk
Partner Trusts and Associated Funding Opportunities for Gaelic related activity also include Urras an Eilein (The Skye Gaelic Trust),
Further details and application forms for this fund can be found at https://urras-an-eilein.scot/
The Highland Council – Sabhal Mòr Ostaig Bursary Scheme also supports students to undertake studies at Sabhal Mòr Ostaig.
Chair of Highland Council’s Gaelic Committee, Cllr Drew Millar, said: “I am delighted to see these trust funds supporting young people accessing a variety of new opportunities across the Gaelic and cultural sector.
“I would encourage people to visit the education trust fund website and look at the wide range of bursaries and grants that are now available to support education, sport, travel and other activities.”
Read the full report which went before the committee here (item 7): https://www.highland.gov.uk/meetings/meeting/5357/gaelic-committee-comataidh-na-gaidhlig