Iarraibh Foghlam Bun-sgoile tron Ghàidhlig san Sgìre Agaibh
Tha Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016 a’ stèidheachadh pròiseas a tha a’ leigeil le pàrantan iarraidh gun tèid measadh a dhèanamh air an fheum airson Foghlam Bun-sgoile tron Ghàidhlig (FBtG) san sgìre aca.
Chaidh Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig fhoillseachadh le Bòrd na Gàidhlig, a’ bhuidheann phoblach le dleastanas airson na Gàidhlig. Tha an stiùireadh a’ gabhail a-steach fiosrachadh mun phròiseas mheasaidh airson FBtG, a bharrachd air fiosrachadh coitcheann mun dòigh sa bheil foghlam Gàidhlig ga lìbhrigeadh aig an àm seo air feadh Alba. Tha stiùireadh reachdail ri fhaotainn bho Foghlam Alba.
Mar a dh’iarras sibh measadh FBtG
An toiseach, bu chòir dhuibh fios a chur gu Sgioba na Gàidhlig gus faighneachd mu na cothroman a th’ ann dhan leanabh agaibh FBtG fhaotainn.
Ma roghnaicheas sibh iarrtas a chur a-steach airson measadh air an fheum airson FBtG airson an leanaibh agaibh, dèanaibh cinnteach gun coimhead sibh air an stiùireadh reachdail agus gun ullaich sibh an fhianais riatanach airson taic a chur ris an iarrtas agaibh.
Airson measadh iarraidh:
- Luchdaichibh a-nuas is lìonaibh am foirm iarrtais airson measadh
- Cuiribh am foirm crìochnaichte air post-d gu Sgioba na Gàidhlig.