Sgrìobhainnean is freagairtean measaidh
Freagairt Mheasaidh dhan Iarrtas Phàrantach airson Foghlam Bun-sgoile tron Ghàidhlig (FBtG) ann an Luirg ann an Comhairle na Gàidhealtachd
Fhuair Comhairle na Gàidhealtachd iarrtas airson measadh air an fheum airson Foghlam tron Ghàidhlig ann an Luirg. Chaidh an t-iarrtas fhaotainn bho phàrant air 16 Ògmhios 2026.
Tro Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016, tha Riaghaltas na h-Alba air pròiseas a stèidheachadh far an urrainn do phàrantan measadh iarraidh air an fheum airson Foghlam Bun-sgoile tron Ghàidhlig (FBtG) bhon ùghdarras ionadail aca, an t-ùghdarras ionadail a tha a’ solarachadh foghlam sgoile san sgìre sa bheil iad a’ fuireach.
Sgrìobhainnean is freagairtean measaidh (Gàidhlig)
Ath Cheumannan
Tha am measadh air co-dhùnadh gum bu chòir moladh gun tèid solar Foghlam Bun-sgoile tron Ghàidhlig a stèidheachadh ann am Bun-Sgoil Luirg. Thèid am moladh a-nis a chur fa chomhair Comataidh an Fhoghlaim airson beachdachadh agus aonta.
Tha dearbhadh mu raointean-ama airson a bhith a’ toirt FtG a-steach an crochadh air luchd-obrach fhastadh agus air fàrdach sgoile a bhith deiseil.
Leanaidh a’ Chomhairle air adhart a’ cur fàilte air iarrtasan agus a’ cumail sùil air iarrtas bho phàrantan airson FtG ann an Luirg san eadar-àm.
Tha an toradh a’ cur taic ri dealas na Comhairle a thaobh foghlam Gàidhlig agus leasachadh leantainneach Foghlam tron Ghàidhlig air feadh na Gàidhealtachd.
Ma tha ceistean sam bith agaibh no ma tha sibh ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh post-d gu: gaelic@highland.gov.uk