Plana Gàidhlig 2024-2029

Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd 2024–2029

Tha a’ Ghàidhlig na pàirt bhunaiteach de chultar, eaconamaidh is dearbh-aithne na Gàidhealtachd. Tha dreuchd chudromach aig Comhairle na Gàidhealtachd ann a bhith a’ neartachadh na Gàidhlig tro fhoghlam, cur-seachad is spòrs, roinnean luchd-tadhail is turasachd, na gnìomhachasan cruthachail, agus tro fharsaingeachd de ghnìomhan Gàidhlig is cultarach sa choimhearsnachd.

Chaidh am Plana Gàidhlig againn aontachadh le Bòrd na Gàidhlig air 7 Cèitean 2024 agus tha e a’ mìneachadh na lèirsinn againn airson na Gàidhlig ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd. Bheir na gnìomhan sa phlana cothrom dhuinn fàs is leasachadh a thoirt air ar cuid obrach sa Ghàidhlig agus ann an cultar, thairis air beatha còig-bliadhna a’ phlana.

Bidh am plana seo a’ togail air na chaidh a choileanadh sna trì planaichean Gàidhlig mu dheireadh againn, agus a’ neartachadh nam builean air a bheil sinn ag amas. Tha sinn cuideachd a’ daingneachadh an dealais againn do bhith a’ cur ri lìbhrigeadh Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig tro bhith a’ cur taic ris na prìomh amasan aige de bhith a’ cur ri cleachdadh na Gàidhlig agus ionnsachadh na Gàidhlig.

Luchdaich a-nuas a' Phlana

Page last modified: 22 October 2025

Gaelic Language Plan (English)

Read this in English

Sgioba na Gàidhlig

Airson tuilleadh fiosrachaidh no gus cothroman com-pàirteachais a sgrùdadh: