Agenda
Leugh an Clàr-gnothaich
Cumar coinneamh Comataidh na Gàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Oifis Chomhairle na Gàidhealtachd, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diciadain,
26 Lùnastal 2026 aig 2f.
Brath Craoladh-lìn: Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh agus chithear e airson 12 mìos às dèidh sin.
Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo.
Leis gach deagh dhùrachd,
Stiùbhart Friseal
Àrd-Oifigear – Riaghlachas Laghail agus Corporra
Gnothach
1. Gairm a’ Chlàir agus Leisgeulan
2. Foillseachaidhean Com-pàirt/Aithris Fhollaiseachd
Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothach sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhuill fiosrachadh a thoirt seachad mu nàdar na com-pàirt agus a’ choinneamh fhàgail aig an àm fhreagarrach. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.
3. Cumhachdan Fosaidh
Thathar ag iarraidh air Buill toirt fa-near nach fheum na cumhachdan fosaidh a chaidh a bhuileachadh aig a’ choinneimh air 25 Ògmhios 2026 a bhith air an cleachdadh a thaobh Comataidh na Gàidhlig.
4. Naidheachdan Matha
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near dha na naidheachdan matha a chaidh a thaisbeanadh.
5. Sabhal Mòr Ostaig – Meòrachan Tuigse
Tha Aithisg Àir. G/11/26 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:
i. toirt fa-near dhan bhuaidh a tha aig SMO agus a ghnìomhan co-cheangailte a thaobh a bhith a’ cur taic ri cànan is cultar na Gàidhlig agus leasachadh eaconamach;
ii. aonta a thoirt do chothroman airson co-obrachadh leantainneach; agus
iii. aonta a thoirt dhan Mheòrachan Thuigse ùraichte.
6. Seachdain na Gàidhlig – Conaltradh Corporra agus Com-pàirteachadh
Tha Aithisg Àir. G/12/26 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:
i. toirt fa-near dhan aithisg;
ii. beachdachadh is toirt fa-near do na chaidh a dhèanamh gus taic a chur ri Seachdain na Gàidhlig 2026; agus
iii. aithne a thoirt do na h-oidhirpean soirbheachail a chaidh a dhèanamh gus àrdachadh a thoirt air an àireimh de phròiseactan a bha air an cur air adhart tro fhiosan naidheachd agus na meadhanan sòisealta ann an 2025–26.
7. Cunntas air Foghlam Gàidhlig
Tha Aithisg Àir. G/13/26 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:
i. toirt fa-near do thoradh deimhinnteach sgrùdadh Luchd-sgrùdaidh an Rìgh airson Foghlaim air Sgoil-Àraich Mhalaig, ag aithneachadh nan neartan a chaidh a chomharrachadh agus na tha an suidheachadh a’ cur ri solar Tràth-ionnsachaidh is Cùraim-chloinne Foghlaim Ghàidhlig air Ghàidhealtachd;
ii. toirt fa-near do dh’adhartas na Comhairle aig an ìre seo a thaobh ionnsachadh cànain C2 agus C3, a’ toirt a-steach adhartais mu choinneimh na thathas a’ sùileachadh gu nàiseanta agus na h-obrach leantainnich airson taic a chur ri ionnsachadh chànanan air feadh sgoiltean: agus
iii. toirt fa-near dhan fhàs leantainneach ann am Foghlam Gàidhlig air feadh na Gàidhealtachd agus cho cudromach ’s a tha a bhith a’ gleidheadh comas-gabhail mu choinneimh iarrtais san àm ri teachd.
8. Aithisg Adhartais Plana na Gàidhlig
Tha Aithisg Àir. G/14/26 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:
i. toirt fa-near do shusbaint na h-aithisge adhartais PRMS seo.
9. Tabhartas Sònraichte na Gàidhlig 2026/27
Tha Aithisg Àir. G/15/26 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:
i. toirt fa-near do na trì pròiseactan agus do na toraidhean a tha air am mìneachadh ann an tairgse Tabhartas Sònraichte na Gàidhlig;
ii. toirt fa-near dhan phrògram obrach dham bi an tabhartas a’ toirt taic agus gu bheil iad seo air an atharrachadh seach nach deach an t-sùim iomlan fhaotainn; agus
iii. toirt fa-near gu bheil an tabhartas de £940,000 a tha air a thabhann le Riaghaltas na h-Alba air a chumail aig an aon ìre ris a’ bhliadhna roimhe.