Latha fosgailte Gàidhlig do phàrantan is do chloinn ro-sgoile Inbhir Narann
Bha cothrom aig pàrantan agus aig clann aois ro-sgoile barrachd fiosrachaidh fhaighinn mu fhoghlam tron Ghàidhlig agus na buannachdan a tha na chois, aig tachartas a chaidh a chumail o chionn ghoirid ann an Inbhir Narann.
B’ urrainn dhaibhsan a bha an làthair coinneachadh ri tidsearan, bruidhinn mu na roghainnean a th’ aca agus pàirt a ghabhail ann an sgeulachdan is òrain còmhla ri Linda NicLeòid, a bhios a’ nochdadh air BBC Alba agus YouTube.
Thadhail Linda cuideachd air Sgoil-Àraich Bhaile Ùr an t-Slèibh, air Bun-Sgoil Ghlinn Urchadain agus air a’ Chròileagan aig Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar.
Tha FtG airson Inbhir Narann ga thabhann aig Bun-Sgoil Bruach a’ Mhuilinn, agus chaidh an tachartas a chur air dòigh gus pàrantan chloinn ro-sgoile a bhrosnachadh gus beachdachadh air FtG dhan leanabh aca.
Bha na cleasan a chuir Linda air dòigh a’ toirt blasad seachad dhen t-seòrsa cleas a bhiodh aig a’ chloinn ann an sgoil-àraich Ghàidhlig.
Ghabh mu 10 gu 15 teaghlach pàirt, a bharrachd air clann bhon Chròileagan ionadail agus bho na clasaichean ìosal ann am Bun-Sgoil Bruach a’ Mhuilinn.
Bha seiseanan eile aig Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar agus Bun-Sgoil Ghlinn Urchadain a’ toirt cleas sònraichte do sgoilearan na sgoil-àraich, seach gu bheil iad uile eòlach air Linda bhon telebhisean agus bho YouTube.
Bha an seisean coimhearsnachd ann am Baile Ùr an t-Slèibh ag amas air pàrantan chloinn òga a thoirt còmhla, a’ cleachdadh cleas spòrsail stèidhichte air cànan gus taic a chur ri bhith a’ leasachadh iomairt phàistean Gàidhlig.
Tha 40 bliadhna ann bhon dh’fhosgail a’ chiad aonad FtG sa Ghàidhealtachd, aig Bun-Sgoil a’ Mheadhain ann an Inbhir Nis.
’S i Comhairle na Gàidhealtachd an solaraiche as motha de FtG am measg ùghdarrasan ionadail na h-Alba, agus tha Plana Gàidhlig na Comhairle a’ gabhail a-steach prìomhachas ro-innleachdail gun tèid tuilleadh brosnachaidh is fàis a lìbhrigeadh an dà chuid ann am foghlam tron Ghàidhlig agus foghlam luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.
****
Gaelic open day for Nairn parents and pre-school children
Parents and pre-school children were able to find out more about Gaelic medium education and its benefits at a recent event held in Nairn.
Those who came along were able to meet teachers, discuss their options and take part in stories and songs along with Linda Macleod, of BBC Alba and You Tube fame.
Linda also visited Newtonmore Sgoil àraich, Glenurquhart Primary School as well as the Cròileagan at Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar.
GME provision for Nairn is offered at Millbank Primary, and the event was organised to encourage parents of pre-school children to consider Gaelic Medium education for their child.
The activities led by Linda helped showcase the kind of activity which children would be involved in in a Gaelic nursery.
Around 10 to 15 families took part as well as children coming along from the local Cròileagan and the lower primary classes from Millbank School.
Other sessions at Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar and Glenurquhart gave pupils in Sgoil àraich a special highlight activity, as they all know Linda from the TV and YouTube.
The community session at Newtonmore was aimed at bringing parents of young children together, using a fun language-based activity to support development of a Gaelic toddler initiative.
It is 40 years this year since the first Gaelic medium unit opened in Highland, at Central Primary in Inverness.
Highland Council is currently the largest provider of GME among Scotland’s local authorities, and the council’s Gaelic language plan includes a strategic priority to deliver continued promotion and growth in both Gaelic medium education and for Gaelic learner education.