Leudachadh ann am foghlam thràth-bhliadhnaichean a’ dèanamh feum do theaghlaichean is don Ghàidhlig ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich

Published: 26 February 2026

‘Na h-Òganan’, the Gaelic early years group in the Isle of Skye
Early years group ‘Na h-Òganan’ started in Kilmuir in 2024. Pic Willie Urquhart/WHFP

Tha obair gus solar foghlam thràth-bhliadhnaichean a leudachadh ann an Cille Mhoire, a’ cuideachadh gus taic a thoirt do theaghlaichean.

Tha obair gus solar foghlam thràth-bhliadhnaichean a leudachadh ann an Cille Mhoire, a’ cuideachadh gus taic a thoirt do theaghlaichean.

Tha aithisg a chaidh fa chomhair Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd an t-seachdain seo a’ sealltainn na h-obrach a tha Sgioba Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd air a ghabhail os làimh ann an com-pàirteachas le Bun-Sgoil Chille Mhoire agus le taic bho Bhòrd na Gàidhlig gus ‘Na h-Òganan’ a stèidheachadh tràth ann an 2024.

Tha a’ bhuidheann 0–3 seo air a bhith fìor shoirbheachail a thaobh a bhith a’ cur taic ri clàraidhean ann an Sgoil-Àraich Bun-Sgoil Chille Mhoire agus tha an leudachadh o chionn ghoirid ann an solar do chloinn aois dà bhliadhna air a bhith fìor chudromach a thaobh seo.

San Lùnastal 2025, dh’fhaighnich manaidsear Sgoil-Àraich Bun-Sgoil Chille Mhoire do Choimiseanair an Tràth-ionnsachaidh is a’ Chùraim-chloinne (TICC) co-dhiù a dh’fhaodadh atharrachadh a bhith air a chur a-steach gu Luchd-sgrùdaidh a’ Chùraim gus àrdachadh a thoirt air an àireimh de chloinn aois dà bhliadhna a dh’fhaodadh tighinn dhan sgoil-àraich.

Gus meud-comais no raon-aoise suidheachadh TICC sam bith atharrachadh, feumaidh Luchd-sgrùdaidh a’ Chùraim atharrachadh ann an cumhaichean an t-suidheachaidh aontachadh. Faodar ealla a ghabhail do bhith ann an sgìre iomallach nuair a thathar a’ cur iarrtas a-steach airson seirbheis a chlàrachadh do bhuidheann-aoise nas òige.

Thathar an dùil gu bheil an t-aonta dhan iarrtas a’ toirt buannachd mhòr do phàrantan is do chloinn. Tha cothrom air cùram-chloinne air fhaicinn mar rud riatanach a thaobh a bhith a’ toirt taic do theaghlaichean agus a bhith a’ cumail suas coimhearsnachdan dùthchail.

Ann an sgìrean far am faod astaran siubhail a bhith nan cnapan-starra, thathar a’ meas gu bheil deagh chùram-chloinne riatanach a thaobh co-ionannachd. Cuideachd, ann an sgìrean far a bheilear a’ bruidhinn na Gàidhlig, tha solar a leithid seo fìor chudromach gus an cànan a chumail suas is a neartachadh, tro bhith a’ tabhann eòlasan bogaidh bho na h-ìrean as tràithe de leasachadh na cloinne.

Tha an t-iarrtas gus àireamhan a mheudachadh na fhianais soilleir gu bheil iarrtas airson solar Foghlam tron Ghàidhlig a’ sìor fhàs sa choimhearsnachd ionadail.

Tha an leudachadh seo a’ freagairt gu dìreach air roghainn phàrantan agus ùidh na coimhearsnachd sa Ghàidhlig, a’ dèanamh cinnteach gun urrainn do bharrachd chloinne a bhith air am bogadh sa chànan bho aois òg.

Thuirt Drew Mac a’ Mhuilleir, Cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd: “Le bhith a’ cur taic ris a’ mheudachadh seo ann an solar, tha Comhairle na Gàidhealtachd gnìomhach ann a bhith a’ lìbhrigeadh nan gealltanasan a th’ air am mìneachadh ann am Plana Gàidhlig 2024–2029, gu h-àraid na h-amasan gus a’ Ghàidhlig a neartachadh, a cleachdadh ann am beatha làitheil a bhrosnachadh, agus an cànan fhèin a chumail suas.

“Tha an dòigh-obrach ghnìomhach seo a’ sealltainn prìomhachasan ro-innleachdail na Comhairle agus feumalachdan na coimhearsnachd ionadail.”

Thuirt Chrisma NicPhàrlain, Ceannard Buidheann Chille Mhoire is Stafainn: “Tha freumhan làidir aig cànan is cultar na Gàidhlig ann an coimhearsnachd Chille Mhoire, agus tha sinn toilichte gu bheil e comasach dhuinn a bhith innleachdach san dòigh seo gus àiteachan a thoirt do chloinn aois dà bhliadhna.

“Bu mhath leam taing a thoirt don luchd-obrach air fad airson an cuid obrach, do phàrantan airson an taic leantainneach, agus do na prìomh bhuidhnean is chom-pàirtichean a tha a’ toirt taic don sgoil le solar thràth-bhliadhnaichean airson Foghlam tron Ghàidhlig.”

Bha coinneamh Comataidh na Gàidhlig Diciadain cuideachd a’ gabhail a-steach nan nithean a leanas:

  • Cunntas às ùr mu fhoghlam, a’ gabhail a-steach aithisg a bha a’ mìneachadh gealltanas a thaobh ionnsachadh proifeiseanta fad-dreuchd a bha sònraichte dhan Ghàidhlig
  • Aonta gun deigheadh taic a chur ri bhith a’ leasachadh chothroman ionnsachaidh subailte is ruigsinneach do luchd-obrach a thaobh na Gàidhlig,

às dèidh toraidhean suirbhidh sgilean Gàidhlig

Gheibhear na h-aithisgean iomlan an seo: https://www.highland.gov.uk/meetings/meeting/5309/gaelic-committee-comataidh-na-gaidhlig

***

Extension of early years provision a boost for families and Gaelic in North Skye

Work to extend early years provision in Kilmuir, north Skye, is helping to support families, strengthen the Gaelic language and sustain local communities.

A report which came before Highland Council’s Gaelic Committee this week highlighted the work undertaken by the Highland Council Gaelic team, in partnership with Kilmuir Primary school and with support from Bòrd na Gàidhlig, to establish ‘Na h-Òganan’ in early 2024.

This 0–3 group has proven highly successful in supporting enrolments into the Kilmuir Sgoil àraich.

Pivotal to this has been the recent extension of provision to two-year-olds at the Kilmuir Primary School Sgoil àraich (nursery).

In August 2025 the nursery manager for Kilmuir asked the area Early Learning and Childcare Commissioner if a variation could be submitted to the Care Inspectorate to increase the number of two-year-olds who could attend.

To change the capacity or age range provided for by an ELC setting, the CI must agree to a variation of the settings’ conditions.  Being in a remote location can be taken into account when asking for a service to be registered for a younger age group.

Granting of the request is seen a significant boost for parents and children.

Access to childcare is seen as vital for supporting families and sustaining rural communities.

In areas where travel distances can create barriers, high-quality local childcare provision is essential for equity of access. Furthermore, in Gaelic speaking regions, such provision plays a key role in maintaining and strengthening the language by offering immersive experiences from the earliest stages of development. 

The application to increase capacity demonstrates clear evidence of growing demand for Gaelic-medium provision within the local community.

This expansion responds directly to parental choice and community interest in Gaelic, ensuring that more children can access immersive language opportunities from an early age.

Cllr Drew Millar, chair of Highland Council’s Gaelic Committee, said: “By supporting this increase in provision, Highland Council is actively delivering on the commitments set out in its Gaelic Language Plan 2024–2029, particularly the aims to strengthen Gaelic, promote its use in everyday life and sustain the language.

“This proactive approach reflects both the strategic priorities of the Council and the requirements of the local community.”

Chrisma MacFarlane, Head Teacher for Kilmuir & Staffin Cluster, said: “Gaelic language and culture is strongly embedded within the Kilmuir community, and we are pleased to have been able to innovate in this way to provide places for two-year-olds.

“I would like to thank all the staff for all their hard work, parents for their continued support and for the key agencies and partners who support the school with early years provision for GME.”

Wednesday’s Gaelic Committee meeting also included:

  • An education update which included a report outlining the commitment to Gaelic specific professional learning (CLPL)
  • An agreement to support the development of flexible and accessible Gaelic learning opportunities for staff, following the results of a Gaelic skills survey

The full reports can be found here: https://www.highland.gov.uk/meetings/meeting/5309/gaelic-committee-comataidh-na-gaidhlig