Tidsearan ùra a’ cur taic ri Foghlam tron Ghàidhlig agus Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air Ghàidhealtachd

Published: 27 August 2026

New teacher Claire Ford, with the class of eight Gaelic medium pupils at Lochaline Primary School
An tidsear ùr Claire Ford, le clas de dh’ochdnar sgoilear FtG aig Bun-Sgoil Loch Àlainn.

New recruits bolster Gaelic Medium and Gaelic Learner education in Highland

Translation below

Tha oidhirpean gus cothroman airson foghlam Gàidhlig a leudachadh air feadh na Gàidhealtachd air an neartachadh agus dà thidsear ùr Gàidhlig air an cur an dreuchd ann an Loch Àlainn agus Cataibh.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd fìor thoilichte ainmeachadh gu bheil Claire Ford air tòiseachadh mar a’ chiad thidsear lan-ùine Foghlam tron Ghàidhlig (FtG) aig Bun-Sgoil Loch Àlainn, agus tha Jess NicEòghainn air dreuchd a ghabhail mar thidsear Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh aig Àrd-Sgoil Far ann an Cataibh.

Chaidh an dà dhreuchd a chaidh a lìonadh o chionn ghoirid ainmeachadh aig coinneamh de Chomataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd Diciadain (26 Lùnastal).

Às dèidh iarrtas bho phàrantan, chuir Comhairle na Gàidhealtachd slighe ro-innleachdail air bhonn gus FtG a stèidheachadh ann an Loch Àlainn, a’ tòiseachadh le solar 0–3 a tha air a lìbhrigeadh ann an com-pàirteachas le oifigearan Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd Gàidhlig.

Tha an dòigh-obrach dhealbhaichte air taic a chur ri gluasad bhon sgoil-àraich gu modail seasmhach is maireannach airson FtG sa bhun-sgoil.

Ged a bha dùbhlain ann a thaobh fastadh, tha luchd-obrach agus a’ choimhearsnachd air obrachadh còmhla ann an dòigh chruthachail airson cuideachadh gus an t-iarrtas a choinneachadh.

Aig an aon àm, cuidichidh an dreuchd theagaisg ùr ann am Far sa Bhlàran Odhar le oidhirpean gus taic a chur ris a’ Ghàidhlig ann an Cataibh.

Tha an dreuchd aig Jess NicEòghainn a’ leantainn air adhart bho obair leasachaidh gus barrachd chothroman a thoirt seachad ann am foghlam coitcheann farsaing agus taic a neartachadh thar Buidhnean Sgoiltean Co-cheangailte.

Teacher Jess McEwan at Farr High School in Sutherland

Jess NicEòghainn aig Àrd-Sgoil Far ann an Cataibh

Thuirt an Comhairliche Drew Mac a’ Mhuilleir, cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd: “Tha dualchas làidir Gàidhlig aig an dà sgìre seo sa Ghàidhealtachd agus tha na sgoiltean dealasach a thaobh a bhith a’ brosnachadh is a’ neartachadh na Gàidhlig mar phàirt bhunaiteach dhen chultar againn.

“Tha mi fìor thoilichte gun deach aig a’ Chomhairle air na dreuchdan seo a lìonadh agus tha mi a’ guidhe gach soirbheachas do na tidsearan is do na sgoilearan sna bliadhnaichean air thoiseach.

“Tha sinn fhathast dealasach a thaobh a bhith a’ lìbhrigeadh solar àrd-inbhe agus a’ cur taic ris an ath ghinealach de luchd-labhairt na Gàidhlig air feadh na Gàidhealtachd.”

Am measg nan naidheachdan misneachail a chaidh aithris dhan chomataidh bha:

  • Deagh aithisg bho Luchd-sgrùdaidh an Rìgh airson Foghlaim às dèidh sgrùdadh ann an Sgoil-Àraich Mhalaig.
  • Adhartas ann an coileanadh Chomhairle na Gàidhealtachd a thaobh ionnsachadh cànain C2 agus C3.
  • Fàs leantainneach ann am Foghlam Gàidhlig air feadh na Gàidhealtachd, a’ toirt fa-near do cho cudromach ’s a tha e a bhith a’ cumail suas meud-comais airson coinneachadh ri iarrtas san àm ri teachd.

Le 1,953 luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air an clàradh ann an àrd-sgoiltean na Gàidhealtachd, an coimeas ri 3,320 gu nàiseanta, tha a’ Ghàidhealtachd a-nis a’ toirt eòlasan luchd-ionnsachaidh Gàidhlig do cha mhòr sianar a-mach às gach deichnear sgoilear a tha a’ gabhail foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann an Alba.

Tha an àireamh de sgoilearan ùra P1 a tha a’ dol gu FtG air èirigh a-rithist am-bliadhna le 17 sgoilearan ùr P1 ann an Inbhir Pheofharain agus 37 aig Bun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh – àireamhan nas àirde na bh’ ann riamh roimhe. Tha àireamhan de sgoilearan ùra FtG ann am Bun-Sgoil Shlèite, Bun-Sgoil Malaig agus Bun-Sgoil Ullapuil cuideachd air èirigh gu susbainteach bhon bhliadhna roimhe.  

Faodar na h-aithisgean iomlan a leughadh an seo: https://www.highland.gov.uk/meetings/meeting/5395/comataidh-na-g-idhlig

Dealbh – An tidsear ùr Claire Ford, le clas de dh’ochdnar sgoilear FtG aig Bun-Sgoil Loch Àlainn.

****

New recruits bolster Gaelic Medium and Gaelic Learner education in Highland

Efforts to expand Gaelic education opportunities throughout Highland have been boosted by the appointment of two new Gaelic teachers in Lochaline and Sutherland.

Highland Council is delighted to announce that Claire Ford has begun working as the first full-time Gaelic Medium teacher at Lochaline Primary School, while Jess McEwan has taken up the post of Gaelic teacher for learners at Farr High School in Sutherland.

The two recent appointments were highlighted at a meeting of Highland Council’s Gaelic Committee on Wednesday (26 August).

Following an initial request from parents, Highland Council set out a strategic pathway towards establishing GME in Lochaline, beginning with 0-3 provision delivered in partnership with Gaelic Community Learning and Development officers.

The planned approach has supported the transition from Sgoil-Àraich (nursery) to a sustainable and permanent model for Gaelic Medium Education in the primary school.

Although there were challenges around recruitment, staff and the community have worked together creatively to help meet the demand.

MEANWHILE, the new teaching post for Farr in Bettyhill will bolster efforts to support Gaelic in Sutherland.

The appointment of Jess McEwan follows development work to improve access to Gaelic within the broad general education phase and strengthen support across Associated School Groups.

Cllr Drew Millar, chair of Highland Council’s Gaelic Committee, said: “Both these areas of Highland have a strong Gaelic heritage, and the schools are committed to promoting and strengthening Gaelic as a key aspect of our culture.

“I am delighted that the council has been able to successfully recruit to these roles and wish the teachers and pupils every success in the coming years.

“We remain committed to delivering high-quality provision and supporting the next generation of Gaelic speakers across Highland."

Other encouraging news reported to the committee included:

  • The positive outcome of an HMIE inspection of Mallaig Sgoil àraich.
  • Progress in Highland Council's performance in relation to L2 and L3 language learning.
  • Continued growth in Gaelic Education across Highland, noting the importance of sustaining capacity to meet future demand.

With 1,953 Gaelic learners recorded in Highland secondary schools, compared with 3,320 nationally, Highland now provides Gaelic learner experiences to almost six in every ten pupils studying Gaelic Learners in Scotland.

The number of new P1s going into Gaelic Medium Education has risen again this year – including record intakes of new P1s at Dingwall and at Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh. GM intakes at Bun-sgoil Shlèite, Mallaig and Ullapool have also increased significantly from the previous year.

Read the reports in full here: https://www.highland.gov.uk/meetings/meeting/5395/comataidh-na-g-idhlig