Agendas, reports and minutes

Comataidh na Gàidhlig

Date: Wednesday, 2 March 2022

Agenda: Read the Agenda

Cumar coinneamh Comataidh na Gàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Oifis Chomhairle na Gàidhealtachd, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diciadain,
2 Màrt 2022 aig 10.30m.
 
Brath Craoladh-lìn: Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an Eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh agus chithear e airson 12 mìos às dèidh sin.
 
Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo.
 
Leis gach deagh dhùrachd,
 
Stiùbhart Friseal
Ceannard Riaghlachais Chorporra

1. Leisgeulan
 
2. Foillseachaidhean Com-pàirt
 
Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothach sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhuill a dhèanamh soilleir an e com-pàirt ionmhasail no neo-ionmhasail a tha seo agus beagan innse mu nàdar na com-pàirt. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho Oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.
 
3. Naidheachdan Matha
 
4. Seachdain na Gàidhlig
 
Tha Aithisg Àir. G/1/22 le ceann-latha 16 Gearran 2022 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach, Coileanadh agus Riaghlachas. Bidh a’ Bh-uas Joy Dunlop, Stiùiriche agus Mgr Grant MacPhàrlain, Rianaire Seachdain na Gàidhlig an làthair aig a’ choinneimh agus bheir iad seachad taisbeanadh mun chiad Seachdain na Gàidhlig.
 
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh beachdachadh agus:-
 
  i)  toirt fa-near do dh’iomairt Seachdain na Gàidhlig; agus
  ii) aonta a thoirt do na tachartasan a tha Comhairle na Gàidhealtachd an dùil a chumail airson cur ri iomairt Seachdain na Gàidhlig.
 
5. Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021
 
Bidh Aithisg Àir. G/2/22 leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach, Coileanadh agus Riaghlachas a’ leantainn.
 
6. Adhartas mu Choinneamh Plana na Gàidhlig 3
 
Tha Aithisg Àir. G/3/22 le ceann-latha 16 Gearran 2022 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach, Coileanadh agus Riaghlachas.
 
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-
 
i.   beachdachadh air an adhartas a chaidh a dhèanamh ann a bhith a’ sgrùdadh is a’ buileachadh Plana na Gàidhlig 3 air stèidh ràitheil, le bhith a’ cleachdadh PRMS airson taic a thoirt do lìbhrigeadh PnG3;
ii.  toirt fa-near dhan adhartas is dha na dùbhlain a tha an lùib a bhith a’ buileachadh cuid de ghnìomhan comasachaidh a’ Phlana; agus
iii. toirt fa-near gu bheil na dùbhlain gu mòr air sàillibh Covid-19, a tha air buaidh a thoirt air cuid dhen bhuileachadh phròiseict is cuid de na cinn-latha crìochnachaidh ris an robh dùil. Ach a dh’aindeoin seo, tha Sgioba na Gàidhlig a’ leantainn air adhart le obair air-loidhne no measgaichte airson na gnìomhan comasachaidh a lìbhrigeadh.
 
7. Ùrachadh Plana na Gàidhlig
 
Tha Aithisg Àir. G/4/22 le ceann-latha 16 Gearran 2022 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach, Coileanadh agus Riaghlachas.
 
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-
 
i.   beachdachadh air a’ phròiseas airson a bhith ag ùrachadh Plana na Gàidhlig;
ii.  toirt fa-near do na buaidhean is na dùbhlain dealbhaidh a thaobh a’ phròiseis ùrachaidh; agus
iii. aontachadh gu bheil planaichean Gàidhlig àraidh do gach ùghdarras poblach agus gum bu chòir do dheasachaidhean às dèidh làimhe a bhith a’ sealltainn adhartas mean air mhean a thaobh a bhith a’ lìbhrigeadh amasan na seirbheis corporra thar ùine.
 
8. A’ Toirt Taic dhan Ghàidhlig is a’ Fàs na Gàidhlig sna Coimhearsnachdan Againn – Bùth-obrach
 
Tha Aithisg Àir. G/5/22 le ceann-latha 16 Gearran 2022 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach, Coileanadh agus Riaghlachas.
 
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-
 
i.  beachdachadh air dreachd na bùth-obrach; agus
ii. beachdachadh air na toraidhean a thathar a’ moladh agus aonta a thoirt dhaibh.